Croeso - Fàilte

SC_CAT.jpg

Tha Penceunant Isaf na chafaidh blàth, càirdeil do luchd-coiseachd air leathadan ìosal Yr Wyddfa/Snowdon, mu cheud meatair bho Thaigh-òsta Rìoghail Victoria, air Slighe Llanberis.

Is cinnteach gum faigh thu fàilte chridheil an seo, agus cothrom coinneachadh ri daoine inntinneach a tha coltach riut fhèin. Bidh sinn a’ toirt seachad teatha agus cofaidh, leann-ubhail agus fìon mìlsichte, teoclaid theth, agus taghadh de leann ionadail. Tha roghainn bheag againn de bhiadh ach faodaidh tu do chuid ghreimeannan-bìdh a thoirt a-steach dhan chafaidh is an ithe le do theatha. Thoir an aire - CHA SINNE an cafaidh is ionad luchd-tadhail air mullach Yr Wyddfa.

SC_View.jpg

Mu dhèidhinn Yr Wyddfa

’S e Yr Wyddfa - no ‘Snowdon’ sa Bheurla - a' bheinn as àirde anns a’ Chuimrigh aig 1085 meatair os cionn ìre na mara. Thathar ag ràdh gur i a’ bheinn as trainge ann am Breatainn - agus ma tha thu air a bhith ann am Penceunant Isaf ann am meadhan an t-Samhraidh, chì thu gu bheil sin fìor.

’S iad seo na prìomh fhrith-rathaidean - deiseil bho Llanberis:

Frith-rathad Llanberis

’S e seo an t-slighe as fhaide, ach thathar den bheachd gur i an t-slighe as fhasa a chionn ’s nach eil a’ mhòr-chuid dhìth ro chas. 

Slighe Pyg

Tòisichidh Slighe Pyg aig pàirce chàraichean Pen-y-Pass agus tha e a’ dol thairis air Bwlch y Moch (‘Bealach na Muice’) air taobh an ear Crib Goch.  

Slighe nam Mèinneadairean

Tha seo a’ tòiseachadh anns a’ phàirce chàraichean aig Pen-y-Pass agus 's e seo an t-slighe as mòr-chòrdte gu mullach Yr Wyddfa.

Frith-rathad Watkin

Thathar den bheachd gur e seo am frith-rathad as doirbhe dhan mhullach.

Frith-rathad Rhyd Ddu 

Uaireannan ’s e Frith-rathad Beddgelert a chanar ri seo. Tha e a’ tòiseachadh ann am baile beag Rhyd Ddu.

Frith-rathad Snowdon Ranger

Tha Frith-rathad Snowdon Ranger a' tòiseachadh bhon A4085, aig ostal òigridh ri taobh Llyn Cwellyn, faisg air Stèisean Rèile Snowdon Ranger.

Snowdon air an Trèana

Chan e dìreach dòigh airson a dhol gu mullach yr Wyddfa a th’ ann an Rheilffordd yr Wyddfa/Snowdon Mountain Railway - tha an rathad-iarainn fhèin tarraingeach do luchd-turais.  

Aig a’ Mhullach

Chaidh a’ chiad togalach aig mullach Yr Wyddfa a thogail air ais ann an 1838. Chaidh stèisean agus cafaidh ùr a thogail ann am meadhan nan 1930an. Chaidh seo a dhealbhadh le Sir Clough Williams-Ellis, a chruthaich am baile Portmeirion a th’ ann an cruth Eadailteach. Chaidh togalach ùr a chur na àite ann an 2006 - togalach Hafod Eryri, a tha air a chòmhdachadh le sglèat.

Thoir an aire NACH EIL na goireasan aig mullach Yr Wyddfa fosgailte fad na bliadhna, agus gu bheil an cafaidh beag aig Halfway House fosgailte tron t-seasan agus uaireannan air an deireadh-sheachdain taobh a-muigh an t-seasain. Tha Taigh-teatha Penceunant Isaf  fosgailte 365 latha gach bliadhna.

SC_Rail.jpg

An t-slighe ann

Air a’ Bhus


Tha deagh sheirbheis bus ionadail ann eadar Llanberis agus Caernarfon, Bangor agus Betws-y-Coed taobh Capel Curig.  Tha seirbheis bus shònraichte ann - an Sherpa - a bhios a’ ruith sheirbheisean tro Snowdonia, a’ togail agus a’ fàgail dhaoine aig toiseach gach prìomh fhrith-rathaid. 

Air an Trèana

Tha trèanaichean prìomh-loidhne cunbhalach ann eadar Lunnainn, Meadhan agus Iar-thuath Shasainn gu costa a Tuath na Cuimrigh, gu Bangor agus an uair sin gu Ynys Môn/ Anglesey agus gu Caergybi/Holyhead airson an aiseig gu Èirinn. 

A bharrachd air Rheilffordd yr Wyddfa/Snowdon Mountain Railway a bhos a’ toirt dhaoine gu mullach Yr Wyddfa, tha rathad-iarainn nas lugha ann, Rheilffordd Llyn Padarn/ Llanberis Lake Railway - a bhios gad thoirt bho fhaisg air Taigh-òsta Bhictoria gu Taigh-tasgaidh an Sglèata agus timcheall Llyn Padarn. Tha Rheilffordd Eryri/Welsh Highland Railway  a’ ruith bho Chaernarfon, sìos gu Beddgelert - le stadan aig cuid de na frith-rathaidean air taobh an iar Yr Wyddfa - agus air adhart gu Porthmadog, far an urrainn dhut Rathad-iarainn Ffestiniog /Rheilffordd Ffestiniog a ghlacadh gu Blaenau Ffestiniog.  Le beagan obair planaidh, is urrainn dhut cuairt a dhèanamh bho Chaernarfon gu Porthmadog, suas gu Bleanau Ffestiniog agus air adhart dhan rathad-iarainn phrìomh-loidhne gu Cheann-rèile Llandudno/Cyffordd Llandudno, a’ cur crìoch air a’ chuairt le bus air ais gu Caernarfon.

SC_Ice.jpg

An t-Sìde

Tha an t-Sìde air Yr Wyddfa gu math caochlaideach, ag atharrachadh bho mhìos gu mìos, latha gu latha, uair gu uair agus mionaid gu mionaid.  Ma tha thu an dùil coiseachd gu mullach na beinne, bu chòir dhut coimhead air ro-aithris na sìde, a lorgas tu air an làraich-lìn seo aig a’ Mhet Office, no a tha air a thaisbeanadh air a’ bhòrd-shanasachd taobh a-muigh Penceunant Cafè, taing dhan Phàirce Nàiseanta agus gu Seirbheis Fiosrachaidh Sìde nam Beann.

Cuimhnich gu sònraichte gu bheil an teothachd aig a’ mhullach gu tric tòrr nas ìsle na tha i aig ìre a’ bhaile agus gum feum thu a bhith deiseil airson fìor dhroch shìde. 

ICE2.jpg

Sàbhailteachd air a’ bheinn

Tha beanntan Snowdonia fìor mhath airson coiseachd, ach tha e cudromach gum bi thu ullaichte mus tèid thu ann.

Thoir sùil air aithris an t-sìde - agus thoir an aire gum bi an aimsir aig mullach nam beanntan ag atharrachadh gu luath.

Nuair a bhios tu a’ coiseachd nad aonar no le buidheann, bu chòir dhut beagan uidheam bunaiteach a bhith agad - tha seo ulie ri fhaighinn ann am bùithtean faisg air na beanntan.  

Tha cuid de na slighean gu math garbh is cas agus mar sin, feumaidh tu bòtannan matha - agus cha bu chòir brògan aotroma no flip flops a bhith ort idir. 

Bu chòir dhut beachdachadh air mapa is combaisd a thoirt leat, cho math ri còta dìonach, briogais dìonach, aodach blàth, greim-bìdh agus uisge. 

Tha grunn shreathan aodaich nas fheàrr na aon shreath tiugh.
Airson cuairtean nas fhaide, is dòcha gum bi feum agad air deoch theth, feadag, toirdse le bataraidh agus bolg a bharrachd, ad clòimh agus miotagan sa Gheamhradh gu h-àraid, ad is uachdar grèine agus speuclairean grèine.

Bidh tòrr dhaoine a’ tuisleadh air an talamh neo-chomhnard a tha cho cumanta ann an Snowdon, fiù ’s air na frith-rathaidean as fhasa - is mar sin, is fhiach e seata ciad-fhuasgladh a thoirt leat.

Dèan cinnteach gu bheil thu eòlach air an t-slighe - chan e a-mhàin an t-slighe gu mullach na beinne, ach cuideachd an t-slighe air ais. Ma thig thu sìos air slighe eadar-dhealaichte, dèan cinnteach gu bheil fios agad mar a lorgas tu an càr no taigh-òsta agad.  Tha beanntan timcheall air a’ bheinn ach cha bhi iad a’ ruith air an oidhche.

Feuch gun innis thu do charaid dè na planaichean a th’ agad agus gun innis thu dhaibh nuair a thilleas tu.

Chan eil siognail fòn anns a h-uile àite anns na beanntan - tha seo a’ fàgail nach eil GPS daonnan ag obair!

Agus na dìochuimhnich do chamara!